Отсутствует (исполнитель: Неизвестен)
Moch 's mi 'g èirigh air bheagan èislein, Air maidinn Chèitein 's mi ann an Os, Bha sprèidh ag gèumnaich an ceann a chèile, 'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòir; Bha gath a' bòillsgeadh air slios nam beanntan, Cur tuar na h-òidhche na dheann fo sgòd, Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannar, Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg. Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas, Nach fhaigh mi càinnt gus a chur air dòigh, Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn, Bho'n dh'fhàg mi 'n ghleann 'n robh na sùinn gun ghò, Bha [bad word] na h-àibhne dol sìos cho tàimhidh, Is toirm nan allt 'freagar cainnt mo bheòil, 'S an smeòrach bhìnn suidhe seinn air meanglan, Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg. 'N uair bha mi gòrach a' siubhal mòintich, 'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta bàn, Feadh thoman còinnich gun snath'nn a bhrògan, 'S an eigh na còsan air lochan tàimh; A' falbh an aonaich ag iarraidh chaorach, 'S mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn, Gach bòt is pòll agus talamh tòll, toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg. Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi, Nach faigh mi 'm bànn gu ceann thàll mo sgeòil, A' falbh 's a' gheamhradh gu luaidh is bàinsean, Gun solus lòinnir ach ceann an fhòid; Bhiodh òigridh ghrèannar ri ceòl is dànnsa, Ach dh'fhalbh an t-àm sin 's tha 'n gleann fo bhròn, Bha 'n tobht aig Anndra 's e làn de fheanntaig, Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg. An uair a dhìrich mi gual an t-Sìthein, Gun leig mi sgìos dhiom air [bad word] an lòin, Bha buadhan m'inntinn a' triall le sinteig, Is sùil mo chìnn faicinn loinn gach pòr; Bha 'n t-sòbhrach mhin-bhuidh' 's am bearnan-brìghde, An cluaran-riòghail, is lus an òir, 'S gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche, Toirt na mo chuimhne 'n uair bha mi òg. 'Nuair chuir mi cùl ris an eilean chùbhraidh, 'S a ghabh mi iùbhrach na smùid gun seòl, 'Nuair shèid i 'n dùdach 's a shìn an ùspairt, 'S a thog i 'cùrsa o Thìr a' Cheò; Mo chridhe brùite 's na deòir le m' shùilean, A' falbh gu dùthaich gun sùrd, gun cheòl, Far nach faic mi cluaran no neòinean guanach, No fraoch no luachair air [bad word] no lòn.