Canan Nan Gaidheal (исполнитель: Karen Matheson)
1 Cha b' e sneachda 's an reòthadh bho thuath, Cha b' e 'n crannadh fuar bho 'n ear, Cha b 'e 'n uisge 's an gailleon bho 'n iar, Ach an galair a bhlean bho 'n deas Blàth, duilleach, stoc, agus freumh Canan mo threubh 's mo shluaidh. Séist: Thig thugainn, thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn, Thig thugainn, thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal. 2 Far a nuas dhuinn na coinnleirean òir 'S annt' caraibh coinlean geal ceir Lasaibh suas iad an seòmair bhroin Tìgh-'aire seann chanan a' Ghae'l 'S sud o chionn fhad' thuirt a namh Ach fhathast tha beò canan a' Ghae'l. 3 'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl' 'S an du-oidhch' thog fonn Gàidhlig a chridh 'S iomadh gaisgeach a bhrosnaich 'sa bhlair Gu euchd nuair bu teòtha bha 'n strì O Ghaidheil, o caite 'n deach t' uaill 'Nad fhine 's 'nad chanan 's do thir.? 4 Uair chite fear-feilidh 'sa ghleann Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt Ach spion iad a fhreumh as an fhonn 'N aite gàidhlig tha canan a Ghoill 'S a Ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn 'S tir mhajors is cholonels 'n diugh th' innt'. 5 O chanan ta leath ri mo chridh M' aran m' amhlan is m' anal 's mo smior 'S tu cho aosd ri fraoch-dosradh nam frith Shloinneadh og leat beinn, leitear is sgur Ghaidheil, 'gad easbhuidh, 's 'gad dhith 'S clarsach aon-theud, is cuislean gun fhuil. 6 Ged theich i le beath' as na glinn Ged 's gann an diugh chluinntear i nis mo O Dhuthaich MhicAoidh fada tuath [bad word] thu [bad word] Uachdar nam bo Gigheal, dhi na Eileanan Siar Bi na claimheamh 's na sgiath'n ud dhoirn. 7 Ged nach chluinntear nis mo i 'san dun No 'n talla-nan-cliar is nan còirn Ged tha meòir chloinn'icCreumein gun luths O 'n tric feasgair ciuin dhoirteadh ceòl Gigheadh, anns na Eileanan-siar 'S i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh. 8 Tha na suinn le 'm bu bhinne bha t' fhuaim 'Nad linn thir nam fuarbeannaibh ard Aig an [bad word] anns na uaidhean nan suain Suas air eirigh mo [bad word] tha nan àit Eadhon siar ann an duthaich-MhicLeoid Linn og oirt a ghàidhlig rinn tair.