Отсутствует (исполнитель: Неизвестен)
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó Hoilibheag hilibheag hó ró i Hoilibheag hilibheag hó ail il ó Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi I Smeòrach mis' air ùrlar Phaibil Crùbadh ann an dùsal cadail Gun deòrachd a théid nas fhaide [bad word] mo bhròin thòirleum m' aigne Smeòrach mis' air mullach beinne 'amharc gréin is speuran soillear Théid mi stòlda chòir na coille Bidh mi beò air treòtas eile Ma mholas gach eun a thìr féin Cuim' thar éis nach moladh mise? Tìr nan curaidh, tìr nan cliar An tìr bhiadhchar fhialaidh mhiosail Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m' [bad word] Buidheann nan seòl 's nan sròl daithte Nan long luath air chuantan farsaing Aiteam nach ciùin rùsgadh ghlas lann Na fir eòlach stòlda stàideil Bha 's a' chòmhstri stròiceach scaiteach Fir gun bhròn gun leòn gun airtneul Leanadh tòir, is tòir a chaisgeadh Buidheann mo ghaoil nach caoin caitean Buidheann nach gann greann san aisith Buidheann shanntach 'n àm bhith aca Rùsgadh lann fo shranntraich bhratach (Sèist 2x) [bad word] 2x)